30.7.05

An t-sèasan ùr

Tha an t-sèasan ball-coise a' tòiseachadh an-diugh. Dh'fhaodadh seo a bhith lìog inntinneach am bliadhna seo. Chùm Hibs a' chuid as motha den cluicheadairean aca a thàinig anns an treas àite an t-sèasan seo chaidh. Neartaich Hearts, Obar Dheathain is Dùn Deagh an sgioban aca agus bidh iad a' smaoineachadh gun urrainn dhaibh a bhith a' strì airson an treas àite am bliadhna seo. On bha Celtic a’ irioslachadh ann an Eòrpa, is dòcha gun tig sgioba seach an Old Firm anns a’ chiad no an dàrna àite!
Tha mi a’ falbh gu Easter Road far am bi Hibs a’ cluich le Dùn Phàrlain. Tha mi a’ faireachdainn math air a’ bhuil.

28.7.05

Làrach-lìn dreuchd

A bheil thu a’ lorg airson dreuchd? ‘S urrainn dhut a bhith a’ lorg le Gàidhlig aig ScottishJobs.com.
Chan eil dreuchdan an-sin an-dràsta ged a tha dreuchdan gu leòr aig an dreach Beurla. Sgrìobh mi thuca agus tha mi ‘n dòchas gum bi iad a’ ceartachadh seo a dh’aithghearr.

26.7.05

Chuir Discovery air bhog

Chuir an soitheach-fànais Discovery air bhog an-diugh gun dhuilgheadasan. Bidh iad a’ siubhal gu an International Space Station. Bha e a’ chiad soitheach-fànais le sgioba gu bhith a ‘cur air bhog bho NASA o chionn 2003 nuair a deach an soitheach-fànais Colombia a sgrios.

25.7.05

Sgioba Olympic Albannach?

Anns a’ Phàrlamaid an seachdain seo, bha Linda Fabiani (PNA, Alba Mheadhanach) a' cur air adhart gluasad airson am Pàrlamaid gu bhith a' cruthachadh sgioba Olympic Albannach.

23.7.05

Geamannan Olympic 2012

Bhuannaich Lunnainn a’ cho-fharpais airson na Geamannan Olympic ann an 2012. Am bi seo math air Alba? Dh'fhaodadh gum bi pàirt dhen bhall-còise a’ cluich an-seo, ach dh'fhaodadh gum bi sinn a’ call maoineachadh spòrsa a phàigh airson an leasachadh air Lunnainn.
Cha chluich Breatainn ball-còise co-dhiù a chionn ‘s nach eil sgioba ball-còise Breatannach againn. Is dòcha gum bi sgioba Olympic Albannach againn ann an 2012!

Cuideachd, an seachdain seo, chuir Glaschu iomairt air bhog airson na Geamannan Commonwealth ann an 2014.