30.5.05

Bhòt na Frangaich “non” air am bun-reachd Eòrpach

Dhiùlt na Frangaich am bun-reachd Eòrpach an-dè. Bhòt 55% an aghaidh e agus thàinig mòran a-mach le 70% a’ bhòtadh. Bidh e coltach gum bi Jean-Pierre Raffarin, am Prìomhaire Frangach, a thoirt suas a dhreuchd a-nochd.
Bhòtaidh na Òlaindich air am bun-reachd air Diciadain. Tha dùil gum iad a’ bhòtadh an aghaidh e cuideachd. An e seo deireadh a’ bhun-reachd Eòrpach?

Is urrainn dhuimh leughadh am bun-reachd (anns a’ Bheurla) an seo

26.5.05

Latha Naomh Anndrais

Faodaidh sinn a bhith a’ faighinn latha-fèille ùr an seo ann an Alba. Thaic 76 Buill Pàrlamaid am bile-buill aig Dennis Canavan BPA a stèidicheadh latha-fèille ùr air latha naomh pàtran na h-Alba. Ach ged a tha, thuirt Jack McConnell, am Prìomh Mhinistear, nach robh e cinnteach den bbuannachd den bheachd. Cha diùlt e a’ mhòr-chuid den phàrlamaid, an dhiùlt?

Tha là Naomh Anndrais air a’ chomharrachadh air 30mh an t-Samhain.

24.5.05

Hibs ann an Eòrpa

Bha e deireadh beothachail an t-sèasain. Chaill Hibs an aghaidh Rangers air Didòmhnaich ach a dh’aindeoin seo, thàinig iad anns an treas àite agus cluichidh iad ann an Eòrpa an ath bhliadhna. Bidh sinn fios againn cò a cluichidh iad aig deireadh an Ògmhios.

Stephen Glass

Bhuannaich Rangers an lìog an dèidh chaill Celtic an aghaidh Tobar na Màthar agus bha Dùn Dèagh ag ìsleachadh.

18.5.05

Cairtean-aithneachaidh

Bha òraid na bànrigh an seachdain seo. Thuirt i gum bi a riaghaltas a’ thoirt a-staigh cairtean-aithneachaidh agus Clàr Nàiseanta na h-Ionannachd. Bhòt am Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh cairtean-aithneachaidh an bliadhna seo. A dh’ aindeoin seo, bheir iad a-staigh an seo fhathast.

Tuilleadh fiosrachaidh (anns a’ Bheurla) aig No2id

13.5.05

Blogaichean na h-Alba

Cheangail mi Air Fàire ri an làrach 'Scottish Blogs' an-raoir. Cha lorg mi ach aon blog Gàidhlig eile an-sin - Inbhir Narann.
Tha e uabhasach inntinneach agus tha ceanglaichean aige ri dhà no thrì blogaichean Gàidhlig eile. Bheir mi sùil orra nas fhadalaiche.

12.5.05

Aonachadh ùr ann an 2007?

Thug suas Jim Wallace a obair dhen ceannard Libearalaich Dheamocratach an seachdain seo. Bidh farpais ceannardais agus tha e coltach gum bi Nicol Stephen an ceannard ùr. Thuirt Nicol Stephen gum bi e beachdaich air aonachadh le am PNA an dèidh an taghadh ann an 2007. Shìor-dhiùltadh Jim Wallace a leithid de cùmhnant. Bhiodh seo a' ciallachadh gun robh am Pàrtaidh Làbarach gun ùghdarras airson a' chiad turas o chionn fèin-riaghladh.

11.5.05

Tha uisge-beatha math dhuibh

Tha an t-àm ann airson rudeigin nach eil mu spòrs!

Tha co-labhairt EuroMedLab 2005 ann an Glaschu an t-seachdain seo. Thug Jim Swan MD òraid an-dè agus thuirt e gu bheil mòran 'ellagic acid' aig uisge-beatha. Tha 'ellagic acid' anti-ogsaidear gu bheil a’ marbhadh ceallan aillse. Thuirt e gu bheil an ellagic acid aig uisge-beatha nas motha na an ellagic acid aig fìon dearg.

Slàinte mhath!

10.5.05

Cupa Bogha-fhrois

Cluichidh Sgioba Rugbaidh Dun Èideann ann an co-fharpais ùr - an 'Rainbow cup'. Bidh seo a’ chiad turas gum bidh clubaichean leth-chruinne mu Thuath agus clubaichean leth-chruinne mu Dheas a’ cluich le chèile. Compàirtichidh Glaschu, na Crìochan, ceithir sgioban Èireannach, ceithir sgioban Cuimreach, ceithir sgioban Eadailteach agus naoi sgioban bho Afraga a Deas. Tòisichidh an co-fharpais an ath-bhliadhna agus mairidh e seachd seachdainean.

8.5.05

Tobar na Màthar 2 - 2 Hibernian

Chluich Hibs an aghaidh Tobar na Màthar an-dè. Bha e deiseil aig dà thadhal an urra. Chuir Caldwell agus Konte am ball a-steach anns an dàrna pàirt an dèidh chuir Tobar na Màthar dà thadhal.
Chaill Obar Dheadhain gu Celtic an-diugh. Ma buannaichidh Hibs an aghaidh Obar Dheathain Disathurna seo tighinn, cluichidh Hibs ann an Eòrpa an ath bhliadhna!

7.5.05

A' chiad blog

Fàilte oirbh! 'Se seo a'chiad blog agam. Tha beagan Gàidhlig agam, ach saoil mi gum bi e uamhasach feumail airson mi a bhith sgrìobhadh an seo.

Tha mi duilich ma tha mi a' dèanamh mearachdan. Ma tha thu ag iarraidh a' ceartachadh rud sam bith, fàg do bheachd. Tapadh leibh.