19.8.05

BA air stailc

Dealbh ùr bho stailc a’ BhA an seachdain seo chaidh! (Tha mi duilich mura bheil sibh a’ faighinn an fhealla-dhà).

17.8.05

An Herald

Sgrìobh mi an aiste airson Wikipedia mu pàipear-naidheachd an Herald. Tha mi ‘n dòchas gu bheil mo Ghàidhlig math gu leòr. Ach uill, ‘s urrainn do dhuine sam bith a bhith ag atharrachadh e! Co-dhiù, seo e:

‘Se pàipear-naidheachd broadsheet beurla a th’ anns An Herald. Bidh e air fhoillseachadh air Diluain gu Disathairne ann an Glaschu.
Tha e aon de na pàipearan-naidheachd beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh an pàipear fhoillseachadh an toiseachd ann an 1783 leis an t-ainm Glasgow Advertiser. B’e Iain Mennons an deasaiche an toiseachd.
Dh’ atharraich e an t-ainm aige dhan an Herald and Advertiser ann an 1802 agus an-sin an Glasgow Herald ann an 1805. Chaidh e làitheil ann an 1859. Ghluais am pàipear do togalach Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich air Sràid Mitchell ann an 1868. ‘Se an togalach seo an Taigh-Solais a-nis, an t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus am Baile.
Cheannaich Sir Eòghann Friseal am pàipear ann an 1964 agus an-sin, ghabh Tiny Rowland seilbh air ann an 1979 le Lonrho PLC.
Ghluais am pàipear do oifigean ùr air Sràid Albion ann an 1980. Bha iad air a dhealbh coltach ri togalach Black Lubyanka an Daily Express ann an Lunnainn.
Dh’ atharraich e an t-ainm aig an pàipear dhan The Herald anns a’ Ghearran 1992. Cheannaich am manaidsearan (leis an ainm Caledonian Newspapers) e anns a’ Chèitean 1992. Cheannaich Scottish Television e an-sin anns an 1996 agus dh’ atharraich an t-ainm aige gu Scottish Media Group an dèidh.
Dh’ ùraich am pàipear anns a’ Chèitean 1998 agus chuir pàpear peathar Didòmhnaich, an Sunday Herald, air bhog ann an 1999.
‘Se Newsquest (pàirt de Ghannett) an seilbheadair a-nis, cheannaich iad e bho an Scottish Media Group ann an 2003 airson £216m an dèidh reic connsachail.
Tha tuilleadh leughadairean aige na broadsheet nàiseanta sam bith eile ann an Alba. ‘Se Marcas Dùghlas-Home an deasaiche an-dràsta, mac-bràthar Sir Alasdair Dùghlas-Home.

8.8.05

Wikipedia

‘Se Wikipedia leabhar mòr eòlais air-loidhne. Tha e fosgailte airson duine sam bith a bhith a’ cuideachadh leis. Tha nas motha na 1000 aistidhean aige an-dràsta. Tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh mu ball-coise na h-Alba.

Ach, cha sgrìobh mi mun an geama air Didòmhnaich! Tha mi a’ feuchainn a dìochuimhneachadh.

2.8.05

Buidhnean-charthannachd a’ call a-mach?

'Se an Scottish SPCA an t-ainm a th'air an t-SSPCA a-nis. Tha iad 'n dòchas gu bheil seo a’ stad daoine a' toirt tabhartas gus an RSPCA - buidheann-charthannachd Sasannach - tro thuiteamas. O chionn ghoirid, dh'fhàg cailleach £250,000 gus an RSPCA an àite an t-SSPCA.
Ach chan eil seo dìreach duilgheadas aig an SSPCA. Tha mòran buidhnean-charthannachd Sasannach a' sanasachadh ann an Alba. Chan eil iad a' dèanamh e soilleir nach eil iad ag obair ann an Alba. A bheil iad a’ dèanamh seo a dh’aon ghnothach? 'S dòcha. An urrainn dhan a' Phàrlamaid a bith ag iarraidh gu beil buidhnean-charthannachd a’ dèanamh soilleir far a bheil iad ag obair?

30.7.05

An t-sèasan ùr

Tha an t-sèasan ball-coise a' tòiseachadh an-diugh. Dh'fhaodadh seo a bhith lìog inntinneach am bliadhna seo. Chùm Hibs a' chuid as motha den cluicheadairean aca a thàinig anns an treas àite an t-sèasan seo chaidh. Neartaich Hearts, Obar Dheathain is Dùn Deagh an sgioban aca agus bidh iad a' smaoineachadh gun urrainn dhaibh a bhith a' strì airson an treas àite am bliadhna seo. On bha Celtic a’ irioslachadh ann an Eòrpa, is dòcha gun tig sgioba seach an Old Firm anns a’ chiad no an dàrna àite!
Tha mi a’ falbh gu Easter Road far am bi Hibs a’ cluich le Dùn Phàrlain. Tha mi a’ faireachdainn math air a’ bhuil.

28.7.05

Làrach-lìn dreuchd

A bheil thu a’ lorg airson dreuchd? ‘S urrainn dhut a bhith a’ lorg le Gàidhlig aig ScottishJobs.com.
Chan eil dreuchdan an-sin an-dràsta ged a tha dreuchdan gu leòr aig an dreach Beurla. Sgrìobh mi thuca agus tha mi ‘n dòchas gum bi iad a’ ceartachadh seo a dh’aithghearr.

26.7.05

Chuir Discovery air bhog

Chuir an soitheach-fànais Discovery air bhog an-diugh gun dhuilgheadasan. Bidh iad a’ siubhal gu an International Space Station. Bha e a’ chiad soitheach-fànais le sgioba gu bhith a ‘cur air bhog bho NASA o chionn 2003 nuair a deach an soitheach-fànais Colombia a sgrios.

25.7.05

Sgioba Olympic Albannach?

Anns a’ Phàrlamaid an seachdain seo, bha Linda Fabiani (PNA, Alba Mheadhanach) a' cur air adhart gluasad airson am Pàrlamaid gu bhith a' cruthachadh sgioba Olympic Albannach.

23.7.05

Geamannan Olympic 2012

Bhuannaich Lunnainn a’ cho-fharpais airson na Geamannan Olympic ann an 2012. Am bi seo math air Alba? Dh'fhaodadh gum bi pàirt dhen bhall-còise a’ cluich an-seo, ach dh'fhaodadh gum bi sinn a’ call maoineachadh spòrsa a phàigh airson an leasachadh air Lunnainn.
Cha chluich Breatainn ball-còise co-dhiù a chionn ‘s nach eil sgioba ball-còise Breatannach againn. Is dòcha gum bi sgioba Olympic Albannach againn ann an 2012!

Cuideachd, an seachdain seo, chuir Glaschu iomairt air bhog airson na Geamannan Commonwealth ann an 2014.

30.5.05

Bhòt na Frangaich “non” air am bun-reachd Eòrpach

Dhiùlt na Frangaich am bun-reachd Eòrpach an-dè. Bhòt 55% an aghaidh e agus thàinig mòran a-mach le 70% a’ bhòtadh. Bidh e coltach gum bi Jean-Pierre Raffarin, am Prìomhaire Frangach, a thoirt suas a dhreuchd a-nochd.
Bhòtaidh na Òlaindich air am bun-reachd air Diciadain. Tha dùil gum iad a’ bhòtadh an aghaidh e cuideachd. An e seo deireadh a’ bhun-reachd Eòrpach?

Is urrainn dhuimh leughadh am bun-reachd (anns a’ Bheurla) an seo